Pròiseact Thiriodh
'S e pròiseact geàrr-ùine a th'ann am Pròiseact Thiriodh gus teigneòlas a thoirt air aghaidh is fhoillseachadh a leigeas le daoine sgrùdadh is èisdeachd ri clàir a rinneadh ann an Eilean Thiriodh thairis air an dà fhichead bliadhna a dh'fhalbh.
Luchd-taic a' phròiseict
Thug na buidhnean a leanas taic dhan phròiseact:
- Co-Roinn Ghàidhlig Thiriodh is Cholla
- a thug seachad a' chuid as motha dhen airgead airson innealan is siubhail
- Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh DhunEideann
- a thug seachad clàir, innealan-fuaim, agus an siostam airson na 'metadata'
- Roinn Choimpiutaireachd Oilthigh DhunEideann
- a thug seachad làrach WWW agus a chuir an gnìomh a h-uile rud teignigeach
- BBC Alba
- a thug seachad clàir, agus innealan air iasad airson a' phròiseict
- Sabhal Mòr Ostaig, Pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean
- a thug seachad taic-rianachd agus ionmhas airson innealan is siubhail
Bu thoigh leinn taing mhòr a thoirt dhan -a-h-uile duine a chuidich le Pròiseact Thiriodh, gu h-àraid dhan fheadhainn a thug cead dhuinn an stuth aca a chur a-mach mar seo.